Bathar-thaigh Tartain is Clò Chlann MhicAoidh

Bathar-thaigh Tartain is Clò Chlann MhicAoidh

Dearbh-aithne: QZP40_784_P029 TUAIRISGEUL: Bha Bathar-thaigh Tartain is Clò Chlann MhicAoidh suidhichte aig oisean na h-Àrd Sràid is Sràid a' Chaisteil ann an Inbhir Nis. Bha iad ag ràdh gun robh a h-uile breacan cinnidh aca anns a h-uile seann phàtran. Rinn iad deiseachan chlò is Èideadh Gàidhealach, is iomadh rud eile, mar am 'maud' - seòrsa de phlaide. Tha na trì ìomhaighean snaidhte air mullach an togalaich a' riochdachadh nan Trì Buadhan - Dìlseachd, Dòchas is Carthannas. Bho 1955 tha iad air a bhith rim faicinn aig Taigh Ghraemeshall aig Tolm ann an Arcaibh, ach thatar an dòchas gum bi iad a' tilleadh a dh' Inbhir Nis a dh'aithghearr. Tha an togalach fhèin air a leagail a-nis agus tha goireas bìdh na aite. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893) ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 1893 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31341 KEYWORDS_GAELIC: