Flòraidh NicDhòmhnaill

Flòraidh NicDhòmhnaill

Dearbh-aithne: QZP40_914_117_P011 TUAIRISGEUL: Bha Flòraidh NicDhòmhnaill à Uibhist a Deas, ach chaidh a togail san Eilean Sgitheanach. Tha i ainmeil airson Prionnsa Teàrlach a chuideachadh 's e a' teiche an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745. Nuair a choinnich i am Prionnsa an toiseach, cha robh i deònach cuideachadh a thoirt dha, ach chaidh ìmpidh a chur oirre a thoirt dhan Eilean Sgitheanach. Chuir i air aodach na searbhanta Èireannaich aice, Betty Burke, is dh'iomair iad o Bheinn a' Bhaoghla gu Port Rìgh far an d'fhuair am Prionnsa air seòladh dhan Fhraing. Chaidh Flòraidh a chur an grèim, ach chaidh a leigeil às a-rithist. Phòs Flòraidh Ailean Dòmhnallach à Cinnseaborg is rinn iad eilthireachd gu Carolina a Tuath ann an 1774 far an robh iad gnìomhach a' toirt air Albannaich sabaid air taobh nam Breatannach anns an Aramach Aimeireaganach. An dèidh do na Breatannaich a bhith air an ruagadh, chaidh iad air ais dhan Eilean Sgitheanach. Bhàsaich Flòraidh ann an 1790 is tha i air a tiodhlacadh ann an cladh Chille Mhoire. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852) DEIT: 1852 LINN: 1770an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31353 KEYWORDS_GAELIC: