Hiort

Hiort

Dearbh-aithne: QZP40_914_117_P012 TUAIRISGEUL: 'S e eileanan mu 40 mìle o chost an iar Bheinn a' Bhaoghla a th'ann a' Hiort. 'S e na h-eileanan Hiort (am prìomh eilean), An Dùn, Sòdhaigh is Boraraigh. Tha daoine air a bhith a' fuireach annta cha mhòr fad nan 2,000 bliadhna mu dheireadh. Bha muinntir Hiort fèin-fhoghainteach, a' cleachdadh eòin-mhara is àiteachas sìmplidh. Anns an 19mh linn, bha barrachd dhaoine a' tadhal air na h-eileanan is thug seo buaidh air an fhèin-fhoghainteachd aca. Bha buidheann-airm muireil ann a' Hiort aig àm a' Chogaidh Mhòir agus thug seo post is biadh chun an eilein gu math cunbhalach. Nuair a chrìochnaich an cogadh, chrìochnaich an t-seirbhis seo is dh'ìslich seo misneachd nan eileanach. Ann an 1930, dh'iarr na h-eileanaich iad a bhith air an toirt gu tìr-mòr. Ann an 1957, dh'fhàg 5mh Marcais Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba. 'S ann an urra ri Urras Nàdarra na h-Alba a tha e an-diugh. Chan eil ach beagan dhaoine o Mhinistrealachd an Dìon a bhios ag obair aig an stèisean radar aca, neach-raoin, luchd-saidheans is luchd-obrach glèidhteachais ann an-diugh. Tha fada a bharrachd eòin air an eilean. Tha an àireamh shùlairean as motha air an t-saoghal, an àireamh fhulmairean as motha ann am Breatainn is leth nam buthaigirean ann am Breatainn ann a' Hiort. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852) ÀITE: Hiort SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Na Hearadh DEIT: 1852 LINN: 1770an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31354 KEYWORDS_GAELIC: