Plana de Bhlàr Shliabh an t-Siorraim

Plana de Bhlàr Shliabh an t-Siorraim

Dearbh-aithne: QZP40_1020_P033 TUAIRISGEUL: Chìthear sa phlana seo de Bhlàr Shliabh an t-Siorraim suidheachaidhean an dà fheachd-airm. Thya àireamhan an mu choinneamh nan diofar roinnean agus tha na h-àireamahn seo a' freagairt air àireamahan clàir air an dà thaobh den phlana anns am faighear ainmean nan roinnean. San t-Sultain 1715, chuir Iain Arasgain an cèille, 6mh Iarla Mhàrir a thaic airson Sheumais Fhragnain Èideird Stiùbhairt, an Sean Tagraiche, agus rinn e mèarrsadh gu deas le feachd-airm de, cha mhòr, 12,000 saighdear. Chaidh fear Iain Caimbeul, 2mh Diùc Earra-Ghàidheal, a dhèanamh na cheannard air 4,000 saighdear air taobh nan Hanòbharach airson stad a chuir air na Seumasaich seo gus nach fhaigheadh iad na b' fhaide deas na Linn an Fhoirthe. Choinnich na feachdan aig Slaibh an t-Siorraim, faisg air Dùn Bhlàthain, air an 13mh là den t-Samhain 1715. Thug na saighdearan air deis-làimh feachdan Mhàirr ionnsaigh cho chruaidh air làimh-chlì feachdan Chaimbeil agus gu robh ac' ri dhèanamh air Sruighlea. Aig a' cheart àm, bha na saighdearan air deis-làimh feachdan Chaimbeil air làimh-chlì feachdan Mhàirr a bhruthadh air ais. Le làimh-ch'li an da thaobh air chall, rinn Màrr ratreut a' Pheairt agus rinn Caimbeul an ceudna a Dhùn Bhlàthain. Ged a bha barrachd shaighdearan air Marr, cha deargadh air a' chùis buileach a dhèanamh air Caimbeul air ri linn seo, tharraing na Frangaich agus na Spainntich an taic a bha iad a' tabhainn air falbh. Chaidh aithris air a' bhatail mar fhear a bhuannaich Caimbeul, agus thàchair crìonadh air an taic airson nan Seumasach agus sgur an ar-a-amch. Tha an dealbh seo a' nochdadh sa leabhar 'The Battle of Sheriffmuir' le 'an FSA Scot' (i.e. Iain E. Shearer) ÀITE: Slaibh an t-Siorraim SGÌRE: Dùn Bhlathain SIORRACHD/PARRAIST: PEAIRT LINN: 1710an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31399 KEYWORDS_GAELIC: