Dearbh-aithne:QZP40_1103_P001TUAIRISGEUL:'S e cathair Dhiùcan Earra-Ghàidheil a th' ann an Caisteal Inbhir Aora. Tha caisteal an là an-diugh beagan an ear-thuath air baile Inbhir Aora, a' coimhead thar Loch Siora agus Loch Fìn.
Chaidh an caisteal a bh' ann roimhe a thogail ann an àite eile sa 15mh linn le Cailean Caimbeul, 1d Diùc Earra-Ghàidheil. Chaidh an caisteal sin a leagail fhad 's a bha iad an sàs ann an obair mhòr ath-thogail san sgìre eadar 1774 is 1758 nuair a ghluais an 3mh Diùc Earra-Ghàidheil baile Inbhir Aora gus am b' urrainn dha an caisteal a thogail far an robh e ga iarraidh.
A dh'aindeoin dà theine gu math mòr ann an 1877 is 1975, bha an caisteal fhathast na chathair do Dhiùcan Earra-Ghàidheil, ceannardan Chaimbeulaich Earra-Ghàidheil. 'S e cuideachd a' chiad taigh ann an Alba , mu 1890, far an do chuir iad a-steach cumhachd an dealain.
'S e Dùn na Cuaiche cnoc creagach os cionn baile Inbhir Aora. Air a' mhullach tha tùr-faire on 18mh linn, agus às an sin tha deagh sheallaidhean air an dùthaich mun cuairt. Tha iad den bheachd gur ann o 'Cuach' - seòrsa de chupa - a thàinig ainm, a chionn 's gu bheil an coltas sin air cumadh a' chnuic.
'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seoÀITE:Inbhir AoraSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEALLINN:1830anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31419KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath