Loch a' Chuilinn (Siorrachd Rois) a' coimhead dhan iardheas
Dearbh-aithne:QZP40_1103_P014TUAIRISGEUL:Ri aghaidh na deilbh seo tha Loch a' Chuilinn, agus Loch Ach an Alt air an taobh thall. Tha an dà loch bheag seo an teis meadhan Siorrachd Rois, eadar Loch Luicheart agus Ach na Sìne, agus tha eòlas aig cuid orra air sgàth iasgach nan geadas. Tha uisgeachan Abhainn Bhrathainn a' sruthadh trompa a' dol dhan ear gu Loch Luicheart.
Tha rèile Inbhir Nis - Caol Loch Aillse a' ruith dhan iar air bruaich a deas Loch a' Chuilinn, an uair sin tha i a' lùbadh gu bruaich a tuath Loch an Alt , mus ruig i an stèisean ann am baile beag Ach an Alt. Roimhe sin 's ann an seo a bhiodh iad ag atharrachadh nan each air na carbadan-subhail agus uaireigin 's e taigh-òsta nan carbad a bha san togalach a th' aig an stèisean.
'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seoÀITE:Loch a' ChuilinnSIORRACHD/PARRAIST:ROSLINN:1830anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31431KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath