Loch Ma-Ruibhe is Slìoch o faisg air craobh-na-fois a' coimhead gu tuath
Dearbh-aithne:QZP40_1103_P016TUAIRISGEUL:San dealbh seo chithear sealladh air Loch Ma-Ruibhe agus Slìoch air a chùlaibh. 'S ann on "resting tree", seann ghiuthas air a robh an coltas gu robh i a' fàs a-mach à creig, a tha an sealladh seo. Bha a' chraobh seo air taobh a deas an loch, air an rathad o Cheann Loch Iùbh gu Poll Iùbh. A rèir beul aithris, bha barrachd air aon àite-còmhnaidh aig seann cheannardan Gheàrrloch. Nuair a bhiodh iad a' gluasad o àite gu àite, bhiodh tràillean a' dol còmhla riutha gu ruig 'craobh na foise', far am biodh tràillean on sgìre eile gan coinneachadh gus an cuideachadh. Bhiodh an dà bhuidheann nan suidhe fon chraoibh greis, a' leigeil an anail mus togadh iad orra a-rithist a' dol dhan dachaighean fhèin.
Tha Loch Ma-Ruibhe na loch le fìor uisge a tha dà mhìle deug ann am fad, na shìneadh fad 12 mìle o Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Tha grunn eileanan beaga san loch, fear dhiubh, Eilean Ma-Ruibhe, air a bheil na tobhtaichean de chaibeal beag a chaidh a stèidheachadh leis an Naomh Maol Rubha san t-7mh linn, a rèir aithris. Tha a' bheinn Slìoch, a tha 3215 troighean (980 meatairean) ann an àirde, a' taobhadh an loch gu tuath agus air a thaobh a deas tha seann ghiùthsach Chailleannach ann, a tha na pàirt de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe.
Tràth san t-17mh linn bha tràighean Loch Ma-Ruibhe làn choilltean dlùtha a bha a' biathadh nan oibrichean iarainn a bu motha air a' Ghàidhealtachd. 'S e Fuirneis a th' air an ionad sin fhathast, air taobh a tuath an loch.
'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seoÀITE:Loch Ma-RuibheSIORRACHD/PARRAIST:ROSLINN:1830anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31433KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath