Dearbh-aithne:QZP40_1103_P020TUAIRISGEUL:San dealbh seo, air a thogail o 'Chreag-a-gharrow' (a' ghadhair dhuibh, 's dòcha) air taobh a tuath an loch, tha sealladh ann air Loch Nabhair. Air an taobh thall tha Beinn Cleith Bric ann (beinn le sgoran breac) a tha ag èirigh gu àirde 3154 troighean (961 meatairean). Shìos dìreach foidhpe tha rud ann le coltas daingnich bheag air. Tha Allt na Cleith Bric a' sruthadh gu tuath a-steach a Loch Nabhair, loch a tha na shìneadh dhan taobh an ear o Allt na h-Eirbhe. Tha e 6 mìle (10km) ann am fad agus dìreach leth-mhìle ann an leud aig a' phàirt as leatha. Tha e na phàirt de Shrath Nabhair, àite a bha loma-làn dhaoine gus an deach am fuadach tràth san 19mh linn.
'S ann bho 'The Lakes of Scotland' le Iain Fleming a thàinig an dealbh seoÀITE:Loch NabhairSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBHLINN:1830anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31435KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath