Dùn Dòrnagail, Srath Mòr

Dùn Dòrnagail, Srath Mòr

Dearbh-aithne: QZP40_1438_P027 TUAIRISGEUL: Tha Dùn Dòrnagail (tùr de chloich) deich mìle a deas air Hòb ann an Cataibh. Chan eil air fhàgail ach balla a-muigh an dùin agus tha balla-taic air a chur ris an-diugh. Tha am balla a-staigh air aomadh a-steach na bhroinn agus mar sin chan urrainn do dhuine a dhol na bhroinn. Am broinn a' bhalla tha staidhre chloiche ann a bheireadh duine suas gu na lobhtaichean no gaileiridhean cumhang gu h-àrd. 'S e aon de na rudan as iongantaiche a-seo a' chlach mhòr thriantanach a tha na àrd-doras os cionn na stairsnich. 'S ann le Alba Eachdraidheil a tha an togalach seo an-diugh. Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'The Scottish Gael or Celtic Manners' le Seumas Logan ÀITE: Dùn Dornadilla / Dùn Dòrnaigil SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH DEIT: 1831 LINN: 1830an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31439 KEYWORDS_GAELIC: