Bìrlinn

Bìrlinn

Dearbh-aithne: QZP40_1438_P185 TUAIRISGEUL: Aig a' chiad sealladh tha am bàta san dealbh seo gu math coltach ri bàta fada Lochlannach, ach 's e bìrlinn a th' ann. Tha iad ag ràdh gur e Somhairle, fear a tha iad am beachd a bha na shinnsir do dh'iomadh ceann-cinnidh, a dhealbhaich a' bhìrlinn an toiseach. Dh'atharraich e am bàta Lochlannach gus a dheànamh nas freagarraich airson cogadh. Bha a' ghnè bàta seo cumanta anns na h-Eileanan an Iar eadar an 12mh agus an 16mh linn. 'S e a' bhìrlinn 'Aileach' ath-chruthachadh dhen bhàta a chithear anns an dealbh seo. Chaidh a togail le Clann Dòmhnaill agus 's ann le Urras Tighearnas nan Eilean a tha i. Tha an 'Aileach' 40 troigh a dh'fhad, air a dèanamh à fiodh le aon seòl ceàrnagach agus gabhaidh i 16 duine a bhith air na ràimh. Tha an 'Aileach' mar is tric aig Taigh-òsta Eilean Gleann a Comhainn air Loch Lìobhain agus tha i air seòladh cho fada air falbh ris na h-Eileanan Fàro. Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'The Scottish Gael or Celtic Manners' le Seumas Logan DEIT: 1831 LINN: 1830an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31442 KEYWORDS_GAELIC: