Caisteal Inbhir Mhoireasdain air bruaich Loch Nis

Caisteal Inbhir Mhoireasdain air bruaich Loch Nis

Dearbh-aithne: QZP40_1480_19 TUAIRISGEUL: Dealbh Caisteal Inbhir Mhoireasdain, air an do thadhail Herbert Byng Hall, san leabhar aige 'Highland Sports and Highland Quarters'. Chaidh seann chaisteal Ghlinn Mhoireasdain, no Inbhir Mhoireasdain, a thogail le Iain Grannd eadar 1440 is 1450. Aig àm nan Seumasach ann an 1715 chaidh an caisteal a losgadh le na saighdearan dearga agus chaidh am fearann a ghabhail thairis leis a' Chrùn. Cheannaicheadh am fearann a-rithist agus chaidh structair ùr a thogail ach chaidh a losgadh a-rithist aig àm nan Seumasach ann an 1745 agus am fearann a ghabhail thairis leis a' Chrùn aon uair eile. Cha robh Granndaich a' sabaid còmhla ri na Seumasaich ach Granndaich Ghlinn Mhoireasdain agus bha an t-ainm aca follaiseach air Bile a' Pheanais. Gu h-iongantach chaidh an t-ainm aca a dhubhadh às an dèidh sin agus bha am fearann aig na Granndaich a-rithist ÀITE: Inbhir Mhoireasdain SGÌRE: An Àird SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan DEIT: 1848 LINN: 1840an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31458 KEYWORDS_GAELIC: