Dearbh-aithne:QZP40_2126_P075TUAIRISGEUL:Rugadh Baintighearna Sìne NicSuail anns A' Mhonadh Rèidh ann an 1749. 'S i an ceathramh leanabh aig Sir Uilleam MacSuail is Magdalene Bhlàrach. Bha Sìne is a màthair is dithis de na peathraichean aice a' fuireach ann an rumannan ann an Dùn Èideann far am faigheadh a' chlann-nighean tuilleadh foghlaim.
Dh'fhàs Sìne gu bhith na boireannach òg bòidheach is toinisgeil. Thuit i ann an gaol le oifigear airm, 's dòcha Frisealach, nuair a bha i 16 bliadhna a dh'aois, ach fhuair i a-mach a-rithist gun robh e air bàsachadh. Aig 17 phòs i Alasdair, Diùc Ghòrdain. Nuair a bha iad air mìos nam pòg aca, fhuair Sìne litir o Fhriseal, a bha fhathast beò, ag iarraidh oirre a phòsadh.
Rugadh a' chiad mhac aice aig an aon àm sa rugadh mac aig Sìne Christie, rùnach an duine aice. 'S e Seòras ainm gach balach, 'Seòras agamsa is Seòras an Diùc' a rèir Baintighearna Sìne.
Chaith Sìne mòran den tìde aice ag ullachadh phàrtaidhean. Fiù 's nuair a ghluais an teaghlach gu Lunnainn bhiodh i a' cur air dòigh pàrtaidhean le blas Albannach. Chuir i aodach tartan oirre fhad 'sa bha e toirmisgte.
'S e pòsadh mì-shona a bh' aig teaghlach Ghòrdain. Chum an Diùc an rùnach aige ann an Caisteal Ghòrdain is thog e taigh do a bhean aig Ceann Rara, air Uisge Spè. Thàinig am pòsadh gu crìch ann an 1805 ach cha tug an Diùc seachad an t-airgead a bh' aig Sìne ri fhaighinn a rèir an lagh is bha aice ri fuireach ann an taighean-òsta. Nuair a bhàsaich i ann an 1812 chaidh a tìodhlagadh aig Ceann Rara, mar a dh'iarr i. Chaidh carragh-cuimhne a thogail air a son, agus pòsaidhean a cloinn sgrìobhte air.
Chithear an dealbh seo ann an 'Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times', le Alasdair Mac a' PhearsainDEIT:1893LINN:1760anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31468KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath