Croisean, is mar sin air adhart, air Eilean Ghiogha

Croisean, is mar sin air adhart, air Eilean Ghiogha

Dearbh-aithne: QZP40_2408_P007 TUAIRISGEUL: Tha Caolas Ghiogha eadar eilean Ghiogha is tìr-mòr. 'S e eilean beag a th'ann an Giogha, mu 6 mìle (10 cilemeatair) o thuath gu deas, is mu 3,447 acair. Chaidh an t-eilean a thoirt do Thighearnan nan Eilean anns a' 14mh linn is tha iomadh sealbhadair air a bhith aige on uairsin. 'S ann le coimhearsnachd an eilein a tha e a-nis. Tha an lann seo a' sealltainn ceithir dealbhan de chroisean a chaidh a lorg air an eilean. Tha dealbhan 1 is 2 a' sealltainn dà thaobh leac-chrois a chaidh a lorg aig an Tairbeart, air taobh tuath an eilein. B' e crois shìmplidh mu 6 troighean a dh'àirde a bh' innte. Bha an aimsir air mòran dhi a bhleith. Tha dealbh 4 a' sealltainn stac de chlach-uaghach a chaidh a lorg faisg air seann chaibeal Chille Chatain. 'S e stac chloiche le ceithir taobhan, mu 6 troighean a dh'àirde is 10 òirlich tarsainn a th'ann. 'S e sgrìobhadh ogham a th'anns na sràcan air oir na cloiche. B' e siostam sgrìobhaidh a bh'ann an ogham, far an robh sràcan air an dèanamh os cionn is fo loidhne. Thathar a' smaoineachadh gur e ainm an duine a bhàsaich is ainm athar a tha sgrìobhte. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeological Sketches in Scotland: Knapdale and Gigha', le Caiptean TP MacGilleBhàin (1875) ÀITE: Giogha SGÌRE: Cinn Tìre SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Giogha 's Cara DEIT: 1875 NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31483 KEYWORDS_GAELIC: