Dearbh-aithne:QZP40_2471_1862-1864_P048TUAIRISGEUL:Tha sreath de thursachan air Ros Mhuile, le mu leth mìle eatorra, on rubha fa chomhair Ì, far an robh an aiseag a' falbh, suas gu Peighinn a' Chrois. Tha na clachan mu 6 troighean a dh'àirde is tha iad garbh, gun ghearradh sam bith air a dhèanamh orra. Tha muinntir an àite ag ràdh gun robh iad airson na slighe a shealltainn do luchd-eilthireachd chràbhach a' dol gu Ì.
Tha cuid ag ràdh gun robh an loidhne a' dol tro Muile chun an Rubha Uaine, far an robh an aiseag gu tìr-mòr a' falbh. Bhiodh seo air a bhith a' sealltainn na slighe a ghabh Calum Cille nuair a chaidh e a choinneachadh Brude Mac Meilochon, an Rìgh Cruithneach, aig ceann sear Loch Nis. Ma tha seo fìor, 's ann on linn Chrìosdail a tha na clachan, is chan e clachan Chruithneach a th'annta.
Chithear an dealbh seo ann an leab. V de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862SGÌRE:MuileSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainnDEIT:1864LINN:1860anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)ID Maoin:31534KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath