Crannagan air Loch nan Cinnidhean

Crannagan air Loch nan Cinnidhean

Dearbh-aithne: QZP40_2471_1862-1864_P116 TUAIRISGEUL: Tha an diagram seo a' sealltainn chrannagan air oighreachd Sheumais Rose à Cill Rathaig, Siorrachd Narann. Far a bheil e a' sealltainn Loch nan Cinnidhean, chan eil an loch sin ann an-diugh. B' e eileanan beaga, dèante le làimh, a bh' anns na crannagan, is bha iad air an cleachdadh mar thaighean dìon no mar chomharra air inbhe. Bha cuid de chrannagan air an dèanamh gu tur le daoine, agus cuid eile dhiubh air an stèidheachadh air eileanan nàdarra. Chaidh eileanan a thogail agus bha daoine a' fuireach orra cho anmoch ris an t-17mh linn. Bha a' mhòr-chuid de chrannagan cruinn no ugh-chruinn, mu 15-30 meatairean tarsainn gu cuibheasach. Ann am bitheantas, bha crannagan an Innse Gall air an dèanamh le clachan, is bha an fheadhainn air tìr-mòr air an dèanamh le fiodh. Bha ceangal aig iomadh crannag ris a' chinneadh a thog suas iad. 'S e Eilean na Manachainn ann an Loch Tatha (no Eilean Loch Tatha) eisimpleir dhiubh sin. Thog Caimbeulaich Ghleann Urchaidh daingneach air an eilean san t-16mh linn. 'S ann o Leabhar V de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862, a tha an dealbh seo ÀITE: Loch nan Cinnidhean SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN DEIT: 1864 LINN: 1860an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps) ID Maoin: 31536 KEYWORDS_GAELIC: