Dearbh-aithne:QZP40_2471_1862-1864_P301TUAIRISGEUL:Chaidh am brùgh seo a lorg faisg air Eadardan, air rèile Shiorrachd Rois nuair a bhathas a' dèanamh obair air an rèile. An dèidh cladhach faiceallach, chaidh bior-phoit chreadha a lorg. Bha tomhas tarsainn de 16 òirleach aig a' mhullach is 9 òirlich aig a' bhonn. Bha e 16 òirleach a dh'àirde. Cha robh sgeadachadh sam bith air agus bha cnàmhan loisgte is beagan umha ann.
Chaidh grìogag de ghloine ghorm a lorg cuideachd. Bha trì cuairteagan co-chearclach geala is srianag mhì-rianail bhuidhe sa ghrìogaig. A rèir traidisean, bha e air ainmeachadh na 'grìogag nathair'. Bhathar ag ràdh gu robh na grìogagan seo air an cruthachadh nuair a chuireadh dà nathair an cinn ri chèile is gun dèanadh iad siosarnaich gus am biodh builgean air a dhèanamh. Bhiodh am builgean a' fàs cruaidh mar ghloine.
Bhathar ag ràdh gu robh na grìogagan seo a' tarraing beartais is leighis.
Gheibhear an dealbh seo ann an leab. IV de 'Proceedings of the Society of Antiquaries in Scotland', 1860-1862ÀITE:EadardanSGÌRE:Baile DhubhthaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: EadardanDEIT:1864LINN:1860anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)ID Maoin:31544KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath