Nithean àrsaidheil umha

Nithean àrsaidheil umha

Dearbh-aithne: QZP40_2471_P102 TUAIRISGEUL: Chaidh na trì pìosan seo deant' à umha an lorg faisg air Caisteal Armadail anns an Eilean Sgitheanach. Tha an claidheamh, air cumadh duilleig, air a dheànamh de umha agus tha e 22 oirleach a dh' fhad. Chithear tuill troimhe air làmh dheis an deilbh far am faodadh làmh de fhiodha no de umha a bhith air a chur ris. Chaidh dà cheann shleagha den aon sheòrsa, mar a tha 'san dealbh seo, a lorg. Cha robh làmh cenagailte ri fear seach fear aca agus bha iad cha mhòr 8 òirlich a dh'fhad. Tha am Prìne umha mu 10 oirlich a dh' fhad agus ceann air an cumadh chupa. Chan eil coltas gur e acfhuinn sabaid a bha seo. Tha e nas coltaiche gur e prìne airson falt neo airson rud a cheangal a bha seo, ged a tha e biorach agus bhiodh e gu math cunnartach ga laimhseachadh. Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'The Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland' leabhar 3 NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations) ID Maoin: 31570 KEYWORDS_GAELIC: