Adhaircean fèidh Lochlannach a chaidh an lorg ann an Ceann Tràdail faisg air Inbhir Bhrùra, Cataibh
Dearbh-aithne:QZP40_2471_P191TUAIRISGEUL:Chaidh na h-adhaircean rèidh fèidh Lochlannach seo a lorg ann an Dùn Cinn no Cill Trolla, faisg air Ceann Tràdail, Brùra ann an Cataibh. Bhiodh na daoine a bh' ann an Alba bho thùs a' cleachdadh cròicean (adhaircean fèidh) airson: cìrean, ùird, piocan, ràcanan, caibeannan agus sleaghan. Bha cuid de na h-innealan air cumadh na cròice nàdarrach agus cuid dhiubh air an obrachadh dhan chumadh aca. Bha na cròicean furasta am faighinn agus furasta obrachadh leotha agus bha na rudan a chaidh dhèanamh às aotrom, làidir, sùbailte agus seasmhach.
Thàinig an dealbh seo à 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland', Leabhar VIII, 1871ÀITE:Cinn TrollaSGÌRE:Cill Donnan, Loth agus ClìnSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: LothDEIT:1871NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations)ID Maoin:31586KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath