Mapa de Rathaidean Dròbh na h-Alba

Mapa de Rathaidean Dròbh na h-Alba

Dearbh-aithne: AB_HALDANE_DROVE_ROADS TUAIRISGEUL: Tha am mapa seo a' sealltainn rathaidean dròibh air feadh na h-Alba. Chan eil e cuimseach, ach tha e a' sealltainn nam prìomh shlighean uile. 'S e slighean sònraichte far am faodaist crodh a ghluasad "on the hoof" (i.e. dhan cois) a bh' ann an rathaidean dròbh. Bha a' chuid mhòr de na slighean sin ga dhèanamh comasach stoc a thoirt bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan chun na Galltachd agus Sasainn ged a bha rathaidean dròbh ann an ceàrnaidh nan Crìochan cuideachd. Aon uair 's gun ruigeadh na beathaichean baile a' mhargaidh bha iad air an reamhrachadh agus air an reic airson am marbhadh. Chaidh an crodh mu dheireadh a ghluasad anns an dòigh seo tràth anns an fhicheadamh linn, ged a bha an rèile agus bàtaichean-smùide a' tabhann dòigh eile na bu luaithe fada ron seo. ÀITE: Alba CREATOR (AV): A.R.B. Haldane DEIT: 1952 NEACH-FIOSRACHAIDH: Highland Livestock Heritage Society ID Maoin: 316 KEYWORDS_GAELIC: