Dearbh-aithne:QZP40_2471_VOLXII_P359TUAIRISGEUL:Tha Dùn Mhic Uisneachain (neo MacSniachan) na laighe eadar Loch Eite is Loch Crearain. Tha e air aithris gur e seo an t-àite-còmhnaidh aig Naoise, Ardan agus Ainle, triùir mhic Uisnich.
Tha aon sgeulachd ag innse mar a chaidh an triùir mhic an cur dhan Eilean Sgitheanach ach an ionnsaicheadh iad ealan cogaidh. Nuair a thill iad a dh'Èirinn thuit Naoise ann an gaol le Deirdre, nighean a bha fo chùram Righ Ulaidh, a bha ga togail gus am biodh I uaireigin na mnaoi dha. Ghoid Naoise Deirdre agus, còmhla ri thriùir bhràithrean, rinn iad àite-còmhnaidh san sgìre eadar Loch Eite is Loch Crearain.
Tha sgeulachd eile ag innse mar a dh'fhàs triùir mhic Uisnich suas còmhla, faisg air Dùn Uisneachain. Ged a bha gaol aig Deirdre orra gu lèir, bha I fo ghealladh pòsaidh aig Rìgh Ulaidh. Nuair a thàinig àm a' phòsaidh, cha b' urrainn dhi a dhèanamh agus chuir an Rìgh an triùir mhic gu bàs. Bhàsaich Deirdre fhèin beagan às dèidh sin le cridhe briste. Chaidh an ceathrar a thiodhlacadh còmhla aig Dùn Mhic Uisneachain.
Tha an t-ainm eile 'Beregonium' air Dùn Mhic Uisneachain ann an cuid de leabhraichean fiosrachaidh. A dh'aindeoin an ainm Làidinn, cha robh e riamh na dhùn aig na Ròmanaich. 'S ann o thràth sna linntean AD a tha an dùn, agus pàirtean dhiubh le clach loisgte ann.
'S ann o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77) a tha an dealbh seoÀITE:Dùn Mhic UisneachanSGÌRE:Ceann a Tuath LatharnaSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's MucàrnaDEIT:1876LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (maps)ID Maoin:31655KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath