Claigeann-deiridh soithich

Claigeann-deiridh soithich

Dearbh-aithne: QZP40_2471_VOLXII_P595 TUAIRISGEUL: Tha an dealbh seo a' sealltainn pìos fiodh snaidhte mu shia troighean a dh'fhaid a chaidh a lorg nuair a bhathar a' drèanadh còinneach aig Lathaig air Eilean Eige. Bha dhà ann agus tha feadhainn den bheachd gur e claigeann-toisich is claigeann-deiridh bàta a bh'annta. 'S dòcha gur ann o dhualchas togail-bhàtaichean Lochlannach a tha am pìos seo. Tha oir cheumnach air airson fiodh a chur ris. Bha na Lochlannaich a' togail bhàtaichean le bhith a' spàrradh mhaidean ri chèile. 'S e 'togail sùdh' ('clinker building') a bh'air an seo. Tha am post lùbte, rud a bha cumanta air bàtaichean Lochlannach. Bidh e coltach gun robh iad a' cur an fhiodh am bogadh gus am biodh e nas fhasa obrachadh leis. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland. Vol XII, Part I' (1876-77) DEIT: 1876 LINN: 1870an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland (illustrations) ID Maoin: 31674 KEYWORDS_GAELIC: