Dearbh-aithne:QZP40_2475_1_P006TUAIRISGEUL:Snaidhte air gach taobh, 's e dìomhaireachd a th'ann an carraighean Chruithneach fhathast. Mar as trice, bha crois is iomadh samhla le ciall mhiotasach no chràbhach air na clachan a b' fhaide a-steach dhan linn sin. Ach, seach gu bheil iomadh samhla ann am paidhir, 's dòcha gu bheil iad a' comharrachadh sliochd no treubh sònraichte.
Beag air bheag, eadar 600 is 800AD, thionndaidh a' mhòr-chuid de na Cruithnich gu Crìosdaidheachd. 'S ann aig an àm seo a chaidh na clachan ainmeil a dhèanamh.
Tha a' chrois-leac, a tha na sìneadh a-nis, ann an gàradh-eaglais Eadardain na cloich Inbhe 3. 'S e seo clach Chruithneach on 8mh no 9mh linn far nach eil samhla aithnichte.
Tha crois Cheilteach air an taobh siar, le cearcall farsaing mun eadar-ghearradh; tha crois Laideann is marcaiche air an taobh sear. Tha an dithis mharcaichean a b'ìsle a-nis fon talamh. Chan fhaicear samhlaidhean Cruithneach idir.
Tha pìosan de chlachan Cruithneach a chaidh a lorg timcheall na h-eaglais a-nis ann an Taigh-tasgaidh Bhaile Dhubhthaich.
Chaidh an lann seo a thoirt o 'A Short Account of some Carved Stones in Ross-shire, accompanied with a series of Outline Engravings' le Teàrlach Carter Petley is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. IV (1857)ÀITE:EadardanSGÌRE:Baile DhubhthaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: EadardanDEIT:1857NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31680KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath