Dearbh-aithne:QZP40_2475_1_P011TUAIRISGEUL:Thathar ag ràdh gur ann aig Raibeart am Brus a bha am bràiste seo. An dèidh dha call aig blàr Mheithinnidh ann an 1306, theich Raibeart am Brus gu costa Earra-ghàidheil. Aig Dail Rìgh, faisg air Taigh an Droma, rinn Iain Bacach, 5mh ceannard Chlann MhicDhùghaill, feall-fhalach air, le mu 1,000 saighdear. 'S e dìoghaltas a bh'anns an ionnsaigh, oir bha Iain Comyn, mac-peathar do cheannard MhicDhùghaill a bha a' strì airson an rìgh-chathair. Bha aig Brus ri a chleòc is a bhràiste fhàgail ann an làimh fear a thug ionnsaigh air san t-sabaid.
Bha am bràiste air a chumail ann an Caisteal Dhùn Ollaimh mus deach a chur gu Caisteal Ghaoilein, daingneachd eile a bha aig Clann MhicDhùghaill air eilean Chearrara, a bha faisg air làimh, a chumail sàbhailt ann an cogaidhean nan Cùmhnantach. Ach, chaidh an caisteal a ghlacadh is a losgadh le Seanalair Mac an Fhleisdeir ann an 1647, is chaidh am bràiste a ghoid.
Chan fhacas e tuilleadh gu 1819, nuair a chaidh a lorg ann an ciste an dèidh do Mhàidsear Caimbeul à Bragleen bàsachadh. Bha sgrìobhainn a bha còmhla ris a' dearbhadh gun tug na Caimbeulaich o Chaisteal Ghaoilein e. Thug an Seanalair Donnchadh Caimbeul à Loch nan Eala air ais do cheannardan MhicDhùghaill e ann an 1824. Sheall Ban-rìgh Bhioctoria ris nuair a thadhail i air ceannard MhicDhùghaill ann an 1842.
Chan fhaicear e ro thric, oir tha e air a chumail ann an seilear-banca nach fhaigh ach ceannard a' chinnidh fhosgladh. B' ann nuair a bha a' Bhan-rìgh san Òban ann an 1956 fear dhe na tursan mu dheireadh a nochd am bràiste.
'S e criostal leth-chruinn ann an airgead le neamhnaidean mu thimcheall air a th'ann. Bha e air fhaicinn mar chomharra ùghdarrais, is thig an criostal às, le beàrn air a chùlaibh - 's dòcha gun robh cuimhneachan air choireigin ann uaireigin. Ach, tha eòlaichean ann an ealain nam meadhan-linntean ann an Alba air ràdh o chionn ghoirid gur ann o mheadhan a' 15mh linn a tha am bràiste, is nach urrainn gur ann aig a' Bhrus a bha e.
Chaidh an lann seo a thoirt o 'Notice Respecting the Brooch of Lorn, with an engraving' and published in 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. IV (1857)ÀITE:N/ADEIT:1857NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31685KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath