Dùn aig Loch an Dùin, Àird, & Dùn aig Barabhat, Bearnaraigh

Dùn aig Loch an Dùin, Àird, & Dùn aig Barabhat, Bearnaraigh

Dearbh-aithne: QZP40_2475_3_P002 TUAIRISGEUL: Tha an dùn seo air eilean ìosal ann an Loch an Dùin, 25 meatair on chladach an ear. 'S ann air cabhsair cloiche, 43 meatair a dh'fhaid, 2.5m a leud is 1.2m a dh'àirde, is air a dhèanamh le ulbhagan mhòra, a gheibhear thuige. Tha balla mu thimcheall an àite gu lèir, ach an taobh tuath a-mhàin. Bha am balla 0.5m a leud, mu 0.5 m a dh'àirde is air a thogail le Gneiss Leòdhasach. Tha deasbad ann an e càrn seòmrach no àite-còmhnaidh a bh'ann. Mus deach a chladhach anns na 1980an is 1990an, cha robh ann an Dùn Bharabhat ach dùn chlachan ann an Loch Bharabhat. Bha cabhsair cunnartach, a bha fon uisge gu math tric, eadar an t-eilean is an cladach. Sheall a' chladhach gun deach a thogail mar dhùn le gaileiridhean eadar coimhearsnachdan, staidhrichean is seòmraichean. Tha coltas gun do thuit e goirid an dèidh dha bhith air a thogail, ach chaidh a chleachdadh a-rithist anns a' 1mh is an 2mh linn ro Chrìosd. Buinidh stuth a chaidh a lorg fo làr an taigh-chruinn dhan linn mu 650 BC is tha e a' sealltainn gun robh daoine a' fuireach ann roimhe. 'S e pàirt den adhbhar gun do thuit e cho luath gun robh e air a thogail air na bh'air fhàgail den t-seann togalach seo, a bha cugallach. Bha taighean-cruinne A' Chuain Siar, is na dùin gu sònraichte, air am faicinn mar dhaingneachdan nan uaislean. Ach, 's e suidheachadh an dùin, 's chan e an structar fhèin, a' phrìomh fheart a thaobh daingneachd a bh'aig na togalaichean seo sna h-Eileanan Siar. A dh'aindeoin dè na feairtean a bh'aca a thaobh daingneachd, bha daoine a' fuireach ann an taighean-cruinne nan Innse Gall fad na tìde. Bhathar an sàs ann an tuathanachas, is bha togalaichean eile air an togail a chum seo a leasachadh. 'On the Duns of the Outer Hebrides' le F.W.L.Thomas is air fhoillseachadh ann an 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. V (1890) ÀITE: Barabhat SGÌRE: Leòdhas SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Barbhas DEIT: 1890 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (maps) ID Maoin: 31697 KEYWORDS_GAELIC: