Cùl Chlach Sheannduaig

Cùl Chlach Sheannduaig

Dearbh-aithne: QZP40_2475_P002 TUAIRISGEUL: Tha Clach Sheannduaig na seasamh air cnoc os cionn baile Sheannduaig, a' coimhead a-mach dhan mhuir. Tha a' chlach air ainmeachadh mar 'Clach a' Charraidh' no 'Clach nan Uaighean', oir chaidh cladh a chlàradh an sin anns an 19mh linn. 'S e Clach Chruithneach Clas II on 8mh no an 9mh linn a th'ann an Clach Sheannduaig. Mar bu trice, 's e leac cheithir-cheàrnach air a thoirt à tochladh is air a ghearradh a th'ann an clach Clas II. Tha an snaidheadh air gach clach gu math driamanach, ioma-lùbach is air a thogail on uachdar, le snaidheadh de chrois Chrìosdail air aon taobh. Tha samhlaidhean is seallaidhean Cruithneach air an taobh eile. Tha Clach Sheannduig mu 10 troighean (3 meatairean) a dh'àirde, is chaidh a leagail ann an gèile ann an 1846. Chaidh a cur air ais far an robh i o thùs on uairsin, ach tha i dìonta ann am bocsa glainne a-nis. Tha an dealbh seo a' sealltainn cùl clach Sheannduaig. Tha còig pannalan air. Anns a' phannal gu h-àrd (nach eil soilleir anns an dealbh), tha samhla de lann-dhùbailte chruinn os cionn biast Chruithneach. Tha ìomhaigh de shealgaireachd an dèidh seo, is an uairsin pannalan de dh'obair le snaimean is pàtrain shnìomhte gu math eadar-fìllte. Tha na nathairean a' fiachainn ris na cuirp aca fhèin a bhìdeadh coltach ri eisimpleirean de dh'obair-mheatailt on 8mh linn a chaidh a lorg ann am Breatainn, Èirinn is air feadh na Roinn Eòrpa. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III' ÀITE: Seannduaig SGÌRE: Manachainn Rois SIORRACHD/PARRAIST: ROS: An Neag DEIT: 1857 LINN: 1850an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31704 KEYWORDS_GAELIC: