Dearbh-aithne:QZP40_2475_P003TUAIRISGEUL:Bha an leac chroise Chruithneach aig Baile a' Chnuic na seasamh ri taobh tobhta a' chaibeil (bho na meadhan-linntean) aig an Naomh Muire. Ann an 1676, chaidh an sgeadachadh air taobh na croise a thoirt dhith le sgeilb gus an dèigheadh a' chlach a chleachdadh mar chlach-cinn uaighe. Ach bha a' chlach cho trom 's nach gabhadh a gluasad, is chaidh a fàgail. Chaidh a' chlach a chur gu Caisteal Inbhir Ghòrdain a-rithist, is an uairsin gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn, mus deach a cur dhan Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann, far am bheil i fhathast.
Tha trì pannallan air cùl na cloiche clas II seo. Tha lann-chruinn dùbailte is slat-z ann os cionn corrain is slat-v agus dà chearcall anns a' phannail gu h-àrd. Tha am pannal anns a' mheadhan a' sealltainn sealladh de shealgaireachd le dà laoch, dà thriombaidear is dà chù a' toirt ionnsaigh air fiadh. Tha marcaiche boireann na suidhe an dìollaid-thaobh ri taobh marcaiche eile. Tha sgàthan is cèis chìre ri an taobh.
Tha dealbh snìomhach eadar-fhìllte anns a' phannal gu h-ìosal, is tha dealbh de rolla air gach cliathaich den uachdar seo. Cha robh sgeul air a' phàirt ìosal den phannal seo gu 2001, nuair lorgadh e air a thiodhlagadh faisg air tobhta a' chaibeil.
Ann an 2000, thòisich an grabhaltaiche Barry Grove, ann an co-smuain le Riseard Easson à Urras Cathaireach Baile Dhubhthaich, pròiseact airson clach Bhail a' Chnuic ath-chruthachadh. Chan eil an cùl buileach mar bha e o thùs oir bha pàirtean a dhìth. Bha pannal ìosal na cloiche ath-chruthaichte gu math coltach ris a' phannal air a' chloich thùsail, a chaidh a lorg an ath bhliadhna a-rithist. Thathar ag ath-chruthachadh taobh na croise don chloich ùir a' cleachdadh a' phannail aig a' bhun agus na chaidh a lorg den chloich thùsail ann an 2001.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III'ÀITE:Baile a' ChnuicSGÌRE:Manachainn RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Manachainn RoisDEIT:1857LINN:1850anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31706KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath