Dearbh-aithne:QZP40_2475_P005TUAIRISGEUL:Bha an leac chroise Chruithneach aig Baile a' Chnuic (Hilton of Cadboll) na seasamh ri taobh tobhta a' chaibeil (bho na meadhan-linntean) aig an Naomh Muire. Ann an 1676, chaidh an sgeadachadh air taobh na croise a thoirt dhith le sgeilb gus an dèigheadh a' chlach a chleachdadh mar chlach-cinn uaighe. Ach bha a' chlach cho trom 's nach gabhadh a gluasad, is chaidh a fàgail. Chaidh a' chlach a chur gu Caisteal Inbhir Ghòrdain a-rithist, is an uairsin gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn, mus deach a cur dhan Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann, far am bheil i fhathast.
Tha an dealbh seo a' sealltainn dà eisimpleir de dh'obair nan snaimean air a' chloich, lann chruinn is daoimean. Ged a tha coltas gu math eadar-fhighte orra anns an dealbh seo, bhiodh iad na bu drùitiche buileach ag èirigh bho chlàr na cloiche. Bhiodh na clachairean Cruithneach a gheàrr a' chlach uamhasach comasach.
Chaidh an lann seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III'ÀITE:Baile a' ChnuicSGÌRE:Manachainn RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Manachainn RoisDEIT:1857LINN:1850anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31709KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath