Dùn Chinn Trolla, Brùra, Cataibh

Dùn Chinn Trolla, Brùra, Cataibh

Dearbh-aithne: QZP40_2475_P095A TUAIRISGEUL: Tha Dùn Chinn no Chill Trolla faisg air Ceann Tràdail am Brùra ann an Cataibh. Tha an dùn seo neo-àbhaisteach a chionns' nuair a chaidh a chladhach san dàrna leth den 19mh linn, lorgadh gun robh an doras a-muigh 2.1 meatair a dh'àirde. Bha seo eu-coltach ris na dorsan ìseal a chaidh lorg air a' chuid as motha de na dùin eile. O chionn dà mhìle bliadhna bha dùin cumanta air feadh ceann a tuath agus ceann an iar na h-Alba. Dh' fhaodadh gun do thog na daoine iad mar àite sàbhailte nam biodh iad ann an cunnart. Bha iad air an togail le dà bhalla cloiche, fear dhiubh taobh a-staigh an fhir eile agus bha sreathan de leacan a' ceangal an dà bhalla agus a' dèanamh gailearaidhean. Bha staidhre eadar an dà bhalla a' dìreadh gu lobhtaichean fiodha gu h-àrd. Thàinig an dealbh seo à 'Archaeologia Scotica, or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', Leabhar V - Pàirt I, Dùn Eideann, 1873 ÀITE: Cinn Trolla SGÌRE: Cill Donnan, Loth agus Clìn SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Loth DEIT: 1873 LINN: 500RC - 100an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31711 KEYWORDS_GAELIC: