Dearbh-aithne:QZP40_2475_P096TUAIRISGEUL:Pàirt de sheòmar ann an Dùn Chinn Trolla faisg air Ceann Tràdail, Brùra, Cataibh.Thàinig an dealbh seo à 'Archaeologia Scotica, or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', Leabhar V - Pàirt I, Dùn Eideann, 1873.
O chionn dà mhìle bliadhna bha dùin cumanta air feadh ceann a tuath agus ceann an iar na h-Alba. Dh' fhaodadh gun do thog na daoine iad mar àite sàbhailte nam biodh iad ann an cunnart. Bha iad air an togail le dà bhalla cloich, fear dhiubh taobh a-staigh an fhir eile agus bha sreathan de leacan a' ceangal an dà bhalla agus a' dèanamh gailearaidhean. Bha staidhre eadar an dà bhalla a' dìreadh gu lobhtaichean fiodha gu h-àrd.
Anns an dealbh tha eisimpleir de bhogha (os cionn dorais no uinneig) tarsainn den stoidhle tràth. Fhuair iad air cumadh a' bhogha a dhèanamh le bhith a' cur nan leacan air mullach a chèile a' claonadh dhan chùl gus an ruigeadh iad an àrd-doras aig a' mhullachÀITE:Cinn TrollaSGÌRE:Cill Donnan, Loth agus ClìnSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: LothDEIT:1873LINN:500RC - 100anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31713KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath