Taigh na Ban-rìgh Màiri

Taigh na Ban-rìgh Màiri

Dearbh-aithne: QZP40_3289_P228 TUAIRISGEUL: Thadhail Màiri, Ban-rìgh na h-Alba air Inbhir Nis ann an 1562. Air sgàth dhuilgheadasan poileataiceach chuir am Fo-cheannard-Riaghladair aig Iarla Hunndaidh stad oirre a dhol a-steach dhan chaisteal aice fhèin. Thathar ag ràdh gur ann san taigh seo, faisg air an abhainn, a fhuair i fasgadh. Chaidh iomadh leasachadh a dhèanamh air an taigh mus deach a leagail ann an 1968. Chaidh na boghannan cloiche a bha san taigh an toirt a steach dhan inntrinn-dorais aig an togalach ùr, far an robh oifisean Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd is nan Eilean. Chithear an gràbhaladh seo ann an Invernessiana: Contributions toward A History of the Town and Parish of Inverness, from 1160 to 1599, le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich. Tha e air a mheurachadh o leth-bhreac Fhriseil-Mac an Tòisich fhèin, pàirt den chruinneachadh leabhraichean aige a th'ann an Leabharlann Inbhir Nis an-diugh ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 1875 LINN: 1870an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31752 KEYWORDS_GAELIC: