Ospadal Dunbar

Ospadal Dunbar

Dearbh-aithne: QZP40_3289_P308 TUAIRISGEUL: Chaidh Ospadal Dunbar a thogail ann an 1668 is a thoirt do bhaile Inbhir Nis le Probhaist Alasdair Dunbar. 'S ann le clachan o sheann dhaingneach Chrombail a tha e air a thogail, thathar ag ràdh. Chaidh an togalach a chleachdadh airson iomadach rud rè na bliadhnaichean. Bha an Sgoil Ghràmar ann gus an deach an Acadamaidh Rìoghail a thogail ann an 1792. Tha trì làir ann, is bha àm ann nuair a bha Sgoil Bhoireannaich is Comann Obrach nam Boireannach shuas an staidhre is bha na carbadan-smàlaidh air an cumail shìos an staidhre. Bha pàirt den togalach air a chleachdadh na ospadal a-rithist ann an 1849 nuair a bha gabhaltachd den bhuinneach-mhòr ann. Chithear an gràbhaladh seo ann an Invernessiana: Contributions toward A History of the Town and Parish of Inverness, from 1160 to 1599, le Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich. Tha e air a mheurachadh o leth-bhreac Fhriseil-Mac an Tòisich fhèin, pàirt den chruinneachadh leabhraichean aige a th'ann an Leabharlann Inbhir Nis an-diugh ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 1875 LINN: 1870an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31753 KEYWORDS_GAELIC: