Dearbh-aithne:QZP40_3443_P005TUAIRISGEUL:Tha fearann mòr timcheall air Caisteal Chaladair, a tha mu 13 mìle an ear air Inbhir Nis. Anns an fhearann seo loirgear a' Choille Mhòr, a tha a' sgaoileadh thairis air faisg air 160 heactair. Tha e am measg nan eisimpleir as fheàrr de choilltean daraich an iar san Rìoghachd. A thuilleadh air craobhan daraich loirgear beithe, faidhbheile, cuileann, caorann, agus giuthas Albannach, agus tha e na dhachaigh do iomadh seòrsa fiadh-bheathach. Bha dìthreabh bheag, no àite-falaich, ann am fearann mhòir a' chaisteil.
Chaidh Caisteal Chaladair a thogail fo chead rìoghail a chaidh a thoirt do Thàna Challdair an là, ann an 1454. Chaidh atharrachaidhean mòra a dhèanamh ris a' chaisteal eadar 1660-1670 le Sir Ùisdean Caimbeul Chaladair, beagan ùine mus do ghluais an teaghlach dhan Chuimrigh an dèidh dhaibh aideachadh gu robh iad a' toirt taic do na Seumasaich.
Mu dheireadh thall thill an teaghlach a Chaisteal Chaladair agus tha iad a-nis ga ruith mar àite tàlaidh luchd-tadhail.
Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir NisÀITE:Oighreachd ChaladairSIORRACHD/PARRAIST:SIORRACHD NARANNLINN:1800anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31758KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath