Inbhir Narann

Inbhir Narann

Dearbh-aithne: QZP40_3443_P047 TUAIRISGEUL: 'Inbhir Narann le làrach a shean chaisteil eadar an eaglais agus an drochaid ann an 1804'. Tha baile Inbhir Narann air oir a deas an Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e a' phàirt as ùire dheth am baile turasachd bho àm Bhioctoria a dh'fhàs suas timcheall air a' Bhail'-iasgaich, a bh'ann roimhe, nuair a dh'fhosgail an rathad-iarainn bho Inbhir Nis ann an 1855. Tharraing am baile mòran luchd-tadhail an àm Bhioctoria nuair a chòrd e riutha mar spàtha slàinte air sgàth nan leigheasan slàinte a bh'ann an sàl na mara san sgìre. Mus tàinig an rèile, bha Inbhir Narann na bhaile tuathanais agus na mhargaid na b' fhaide bhon chost nam Bail'-iasgaich. Tha a h-uile coltas gu robh am Bail'-iasgaich na àite iasgairean a thàinig à Nirribhidh 's a dh'fhuirich ro 1000 AD. Bha measgachadh de Ghàidheil le Gàidhlig agus daoine on ear-thuath le Beurla ann an Inbhir Narann. Tha e air aithris gun tuirt Seumas VI nach robh baile eile na Rìoghachd far am bruidhneadh daoine aig aon cheann na sràide cànan eile bho na daoine aig a' cheann eile. Bha caisteal ann an Inbhir Narann a chaidh a thogail sna 1100an agus a chaidh a leagail ann an 1585. Chan eil comharra sam bith air làrach a' chaisteil an-diugh ach ann an ainm a'cheàrnain a tha am meadhan a'bhaile. Tha an dealbh seo o ghrunnan a tha air an ceangal còmhla ri làmh-sgrìobhainn dhen ainm 'The Ancient and Honourable Family of Calder', à cruinneachadh Fraser-Mackintosh ann an Leabharlann Inbhir Nis ÀITE: Inbhir Narann SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann DEIT: 1804 LINN: 1800an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31766 KEYWORDS_GAELIC: