Dearbh-aithne:QZP40_273369_011TUAIRISGEUL:Tha an dealbh seo den t-seann dhrochaid cloiche thar Abhainn Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).
Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ mìneachadh gun deach an drochaid cloiche a thogail ann an 1685 an àite na tè fhiodha a bha air tuiteam fichead bliadhna roimhe sin. Thàinig cuid de na clachan a chaidh a chleachdadh à Daingneach Chrombail. Bha seachd boghachan anns an drochaid ùr, agus eadar dhà dhiubh chaidh seilear a thogail gus a chleachdadh mar phrìosan. Chaidh an drochaid seo a shiabadh air falbh le tuiltean ann an 1849.
Thathas cuideachd a’ dèanamh iomradh air an 'Castle Tolmie' tùsail, an taigh mu dheireadh an taobh tuath Sràid na Drochaide. Chaidh a leagail ann an 1852 gus àite a dhèamh dha rathad chun an drochaid crochaidh ùr.
Tha an Caisteal fhèin air Cnoc a; Chaisteil cuideachd air a chomharrachadh. Chaidh an togalach tùsail a thogail ann an1834 agus chaidh leudachadh prìosain a chur ris ann an 1846. Ann an 1967 sgrìobh Eveline Barron mu dheidhinn: 'The Castle is now the Sheriff Court-house and the former jail contains the headquarters of the County Police; the County Hall, wherein the County Council meets; and the headquarters of the County Library.'ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathCREATOR (AV):Pierre DelavaultLINN:1840an (c.)NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Old Inverness by Pierre Delavault (1903)ID Maoin:31770KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath