Taigh na Banrigh Màiri, Inbhir Nis

Taigh na Banrigh Màiri, Inbhir Nis

Dearbh-aithne: QZP40_273369_017 TUAIRISGEUL: Tha an dealbh seo de Thaigh na Banrigh Màiri ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903). Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ mìneachadh gun robh Taigh na Banrigh Màiri suidhichte aig oisean Sràid na Drochaide, le aghaidh gu Abhainn Nis. Bha 'Castle Tolmie' eadar e agus an abhainn ach chaidh seo a chuir ri talamh nuair a thogadh an drochaid crochaidh ann an 1852. Tha an t-ainm, Taigh na Banrigh Màiri, a’ tighinn bho bheul-aithris gun do dh’fhuirich Màiri, Banrigh na h-Alba, an sin sin rè turais ann an 1562. Ann an 1787, chaidh atharrachaidhean agus càradh a dhèanamh le Uilleam Inglis à Muilnean an Rìgh, leis an robh e. Aig an àm sin bha Mgran Friseal, MacUilleim & Co, Marsantan Fìona ann. Chaidh an gnothachas a cheannach le diofar mharsantan fìona an dèidh sin, oir bha tighead nam ballachan a’ toirt teòthachd chothromach a bha glè fhreagarrach airson a bhith a’ stòradh fìon. Ann an 1967, nuair a chaidh 'Old Inverness' fhoillseachadh, bhathas a’ bagairt Taigh na Banrigh Màiri a leagil. Gun teagamh, chaidh a leagail ann an 1968 airson àite a dhèanamh dha oifisean Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, ged a chaidh na seilearan a ghleidheadh. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 1903 NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Old Inverness by Pierre Delavault (1903) ID Maoin: 31772 KEYWORDS_GAELIC: