Dearbh-aithne:QZP40_273369_044TUAIRISGEUL:Tha an dealbh seo de Chladh nam Manach Liath ann an Inbhir Nis air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).
Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ toirt an aire gur dòcha gur e Cladh nam Manach Liath an t-àite adhlacaidh as aosta ann an Inbhir Nis, le ceanglaichean air a bhith aige ri manachainn a chaidh a thogail tràth anns an 13mh linn. Ged a tha e aithnichte mar ‘Greyfriars’, tha an còir-sgrìobhte a thug Rìgh Alasdair II a’ sealltainn gur ann le na Doiminigeanaich, no na Manaich Dhubh, a bha e dha-rìribh. ’S fhada o chaidh togalaichean na manachainn à sealladh, ged a tha chuid a’ cumail a-mach gur e colbh a tha na sheasamh anns a’ chladh na tha air fhàgail den t-seann mhanachainn. Am measg nan carraighean-cuimhne sa chladh, tha ìomhaigh de churaidh le deise màille, a dh’fhaodadh a bhith air a bhith na shìneadh os cionn uaigh Iarla Mhàr, a bha na Justiciar air Inbhir Nis ann an1437, a’ bhlaidhna a bhàsaich e.
Ged is e no nach e, mì-ainmeachadh a th’ anns an ainm ‘Greyfriars’, thathas air a mholadh gu bheil e coisrigte le cleachdadh agus gnàths fad còrr is 300 bliadhna. A rèir coltais bha e air a chleachdadh ann an Achd le Comhairle a’ Bhaile ann an 1653, nuair a chaidh na clachan bho thobhta 'Greyfriars Kirk' gan reic airson Daingneach Chrmbail. Bha an t-ainm cuideachd air a chleachdadh air seann mhapaichean.
Tha an teasa cuideachd a’ toirt iomradh air trì cladhan eile ann an Inbhir Nis: cladh an Àrd Eaglais, cladh a’ Chaibeil agus Tom na h-Iùbhraich. Bha Tom na h-Iùbhraich, an cnoc aig an inntrigeadh dhan a’ bhaile bhon iar-dheas, air a chleachdadh mar chladh an toiseach ann an 1860. A-rèir an ùghdair seo, ‘s e 'Hill of the Fairies' an eadar-theangachadh as trice a th’ air a thoirt airson an t-ainm Gàidhlig ach tha 'boat-shaped' agus 'yew-covered' air an toirt cuideachd.ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Old Inverness by Pierre Delavault (1903)ID Maoin:31781KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath