Dearbh-aithne:QZP40_273369_071TUAIRISGEUL:Tha an dealbh seo le J Clark de shealladh de dh’Inbhir Nis bho Cheum Godman air a thoirt bho 'Old Inverness' le Pierre Delavault (foillsichte ann an 1903).
Tha an tuairisgeul a tha an cois na h-ìomhaigh seo a’ tarraing aire chun an Taigh-eiridinn a Tuath a chaidh a thogail ann an 1804. Fhuair e an tiotal ‘Rìoghail’ ann an1930 nuair a chaidh ath-fhosgladh le Diùc Iorc, Rìgh Seòras VI an dèidh sin, an dèidh ath-thogail mòr.
B’ e frith-rathad poblach a bh’ ann an Ceum Godman a bha a’ ruith air druim a’ chnuic bho Rathad Chùl Daothail, faisg air a cheangal ri Rathad Bhaile nam Bochd (Mayfield), gu Allt na Sgitheach. Tha beagan notaichean air an toirt air eachdraidh a’ Cheum a chaidh ainmeachadh an dèidh Caiptean Godman, a bha ag obair mar bhàilidh dha Diùc Ghòrdan aig deireadh na 18mh linn. Airson linntean b’e còir-shlighe dha muinntir Inbhir Nis a bh’ anns an fhrith-rathad ach, nuair a ghabh an Dr MacDhonnchaidh àite Godsman, chaidh an ceum a dhùnadh. Bha connspaid mu cò leis a bha e agus a bha an urra ri cumail suas Ceum Goodman ann an 1855 agus bha sin mar sin fhathast ann an 1967 nuair a chaidh an leabhar seo foillseachadh.ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathDEIT:1823LINN:1820anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Old Inverness by Pierre Delavault (1903)ID Maoin:31790KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath