Uaimh Fhinn

Uaimh Fhinn

Dearbh-aithne: QZP40_38011050210965_004 TUAIRISGEUL: Tha Uaimh Fhinn (no 'Fingal') ann an Eilean Stafa. Tha na cruthan nàdarra air an cur ris gu mòr anns an dealbh seo ach tha e a’ cur cudrom air na cuilbh, na stacan mòra basailt. ’S e creag dhorch chruaidh a tha seo a tha a’ dol gu nàdarra na stacan. ’S e caractar ficseanail a th' ann am “Fingal” a tha a’ nochdadh ann am bàrdachd Oiseanach a bha a’ còrdadh ri mòran ann an Roinn Eòrpa na 19mh linn. Bhrosnaich an uaimh an ceòl 'Hebrides Overture' le Felix Mendelssohn. ’S e an uaimh seo a rinn Innse Ghall ainmeil anns a’ choimhearsnachd saidheansail. Thug Iòsaph Banks tuairisgeul mionaideach air an àite seo agus bhrosnaich e luchd-saidheans eile tighinn a thadhal air an sgìre. Tha an dealbh seo air a thoirt bho "Voyage to the Hebrides", foillsichte ann an 1822. ÀITE: Stafa SGÌRE: Muile SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire DEIT: 1822 LINN: 1820an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd (duilleagan clò-sgrìobhte) ID Maoin: 31805 KEYWORDS_GAELIC: