Peathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhthaich

Peathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhthaich

Dearbh-aithne: QZP40_ADAMS_018 TUAIRISGEUL: ’S e beanntan a tha ag èirigh os cionn Ghleann Sheile aig ceann Loch Dubhthaich a th’ ann am Peathraichean Chinn Tàile. On làimh chlì, is iad Sgurr Mòraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Fhuaran (1068m), Sgurr na Càrnach (1002m) agud Sgurr na Ciste Duibhe (1027m). A rèir uirsgeul, thàinig dà phrionnsa Èireannach gu tìr ann an stoirm is thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar pheathraichean aig Rìgh Chinn Tàile. Air dhaibh gealltainn gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-nall a phòsadh nam peathraichean eile, phòs na prionnsan an dithis bhana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh' Èirinn. Dh'fhuirich na peathraichean eile gu dìomhain, is mu dheireadh dh' iarr iad air Draoidh Glas Choire Dhùnaid leigeil leotha a bhith a' coimhead seachad air làithean am beatha. Mar sin, thionndaidh e gu beanntan iad. ÀITE: Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean CREATOR (AV): Robert Moyes Adam LINN: 1930an; 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries - Robert Moyes Adam ID Maoin: 31831 KEYWORDS_GAELIC: