Dearbh-aithne:QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_008TUAIRISGEUL:Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dealbh de Shrath Latharain agus i tioram. Chaidh seo a thogail bho dhrochaid Seanalair Wade.
'S e clachan beag ann an Gallaibh a th' ann an Latharan. Bha am Marsail-raoin Seòras Wade (1673 - Màrt 14, 1748) na chomanndair ann an arm Bhreatainn agus na Àrd-chomanndair air na Feachdan. Chuir riaghaltas Dheòrsa I Wade a dhèanamh sgrùdadh air Alba ann an 1724. Mhol e taighean-feachd, drochaidean agus rathaidean dòigheil a thogail gus cuideachadh le smachd a chumail air an dùthaich. An taobh a-staigh mìos chaidh fhastadh mar Àrd-chomanndair air feachdan, caistealan, dùin agus taighean-feachd an Rìgh ann an ceann a tuath Bhreatainn. Chaidh iarraidhean air na molaidhean aige fhèin a chur an gnìomh. Bha e san dreuchd seo gu1740.
Eadar 1725 agus 1737 bha Wade os cionn togail mu 250 mìle de rathad agus 40 drochaid (nam measg Drochaid Thatha ann an Obar Pheallaidh)ÀITE:LatharanSGÌRE:Gallaibh a DeasSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: LatharanDEIT:1925LINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Caithness 1925ID Maoin:31851KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath