Dearbh-aithne:QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_013TUAIRISGEUL:Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear Allt Rìdhisgill a tha a' sruthadh dhan bhàgh aig Cala Liaboist.
Tha Liabost air taobh an ear Ghallaibh. Bha uair a bha còrr is 100 bàta a-mach is a-steach às a' chala.
B' e Liabost an treas port iasgaich a bu mhotha ann an Alba an dèidh Inbhir Ùige agus A' Bhruaich.
Bha daoine uabhasach measail air sgadan san Roinn Eòrpa agus bha e an ìre mhath furasta a ghlacadh far cladaichean Alba - air an taobh an Ear sa gheamhradh agus as t-earrach, far a' Chladaich a Tuath agus ann an Sealtainn as t-samhradh agus, as t-fhoghar far cladach East Anglia. Aig an àm seo bha suas ri 30,000 bàta ri iasgach an sgadain air an taobh an Ear, gun luaidh air na bha ann an Cuan na h-Èireann. Mar a chaidh an linn air adhart, chaidh an àireamh am meud gus an robh, mu dheireadh, gnìomhachas an iasgaich ann an Alba air an fhear bu mhotha san Roinn Eòrpa.
Seach gu bheil ola ann an sgadan, dh'fheumadh e bhith air a chiùradh cho luath 's a ghabhadh gus nach lobhadh e. Nuair a bha iasgach an sgadain aig àirde ann an 1907, chaidh 2,500,000 baraille èisg (250,000 tunna) a chiùradh agus às-mhalairt. B' iad a' Ghearmailt, taobh sear na Roinn Eòrpa agus an Ruis na prìomh mhargaidean. Ann an 1913 bha còrr is 10,000 bàta an sàs ann an gnìomhachas an sgadain ann an AlbaÀITE:LiabostSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBHCREATOR (AV):Herbert SinclairDEIT:1925LINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Caithness 1925ID Maoin:31854KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath