Caithness, 1925 - Bàtaichean-iasgaich ann am Bàgh Inbhir Ùige

Caithness, 1925 - Bàtaichean-iasgaich ann am Bàgh Inbhir Ùige

Dearbh-aithne: QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_038 TUAIRISGEUL: Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dà dhealbh an seo. Tha a' chiad dealbh de 'English Steam Drifter' leis a' chlàradh 'LT 64.' Tha seo a' ciallachadh gun deach am bàta a chlàradh ann an Lowestoft ann an East Anglia. Nuair a chaidh rannsachadh a dhèanamh, chaidh an drioftair seo a chlàradh mar an 'LOYAL FRIEND' agus chaidh i fodha sia bliadhna an dèidh seo ann an 1931 aig a' chidhe a tuath ann an Obar Dheathain. San dara dealbh tha cuid dhe na drioftairean smùide a bha an sàs ann an gnìomhachas an sgadain a' tilleadh gu Cala Inbhir Ùige. Bha daoine uabhasach measail air sgadan san Roinn Eòrpa agus bha e an ìre mhath furasta a ghlacadh far cladaichean Alba - air an taobh an Ear sa gheamhradh agus as t-earrach, far a' Chladaich a Tuath agus ann an Sealtainn as t-samhradh agus, as t-fhoghar far cladach East Anglia. Aig an àm seo bha suas ri 30,000 bàta ri iasgach an sgadain air an taobh an Ear, gun luaidh air na bha ann an Cuan na h-Èireann. Mar a chaidh an linn air adhart, chaidh an àireamh am meud gus an robh, mu dheireadh, gnìomhachas an iasgaich ann an Alba air an fhear bu mhotha san Roinn Eòrpa. Seach gu bheil ola ann an sgadan, dh'fheumadh e bhith air a chiùradh cho luath 's a ghabhadh gus nach lobhadh e. Nuair a bha iasgach an sgadain aig àirde ann an 1907, chaidh 2,500,000 baraille èisg (250,000 tunna) a chiùradh agus às-mhalairt. B' iad a' Ghearmailt, taobh sear na Roinn Eòrpa agus an Ruis na prìomh mhargaidean. Ann an 1913 bha còrr is 10,000 bàta an sàs ann an gnìomhachas an sgadain ann an Alba. Ged a tha Inbhir Ùige air a bhith na Bhorgh Rìoghail bho 1589, tha Inbhir Ùige nas sine na sin mar a chithear san ainm aige a thàinig on Lochlannais 'Vic', a tha a' ciallachadh bàgh. Tha e air taobh an ear-thuath na h-Alba 19 mìle deas air Taigh Iain Ghròt ÀITE: Inbhir Ùige SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Ùige DEIT: 1925 LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Caithness 1925 ID Maoin: 31869 KEYWORDS_GAELIC: