Caithness, 1925 - Drochaid Hacraig

Caithness, 1925 - Drochaid Hacraig

Dearbh-aithne: QZP40_CAITHNESS 1925-26_56001_076 TUAIRISGEUL: Seo duilleag bho leabhar dhealbhan de Ghallaibh bho 1925. Chithear dealbh de Dhrochaid Hàcraig. Dh'fhosgladh Seann Drochaid Hàcraig ann an 1731. Chaidh an drochaid aig Hàcraig a thogail thar Abhainn Theòrsa le airgead a dh'fhàg Mac na Clèirich à Ulbster airson sin a dhèanamh. Seach gun deach dusan bliadhna seachad mus do thòisich an obair, chaidh fathann mun cuairt gur e buaidh an diabhail a bu choireach. Nuair a bha an structar deiseil, bha daoine dhen bheachd gun gum biodh an diabhal a' tighinn ann air an oidhche. Mar sin b' e fìor chorra dhuine a dheigheadh thairis san dorchadas agus bha grunnan ann nach dèanadh fiù 's ris an latha. B' fheàrr leotha an t-àth a chleachdadh. Chun an latha an-diugh tha cuid ann a tha dhen bheachd gu bheil an diabhal fhathast trang aig an drochaid seo. Tha baile beag Hàcraig 6 mìle deas air Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh. Tha an t-ainm a' tighinn on Lochlannais agus tha e co-cheangailte ri eaglais. Tha e a' nochdadh mar Ha-kirkju anns na sgeulachdan Lochlannach. Tha e ann an sgrìobhainnean laideann on treas linn deug mar Haukirc agus Haukyrc agus 's ann coltach ri Haekirc a tha e fhathast sa Ghàidhlig. 'S e am facal Lochlannach airson eaglais a tha dara eileamaid agus 's iongantach mura h-e an dreach boireannta de Ha, buadhair Lochlannach a' ciallachadh 'àrd' a tha sa chiad eileamaid. Mar sin tha Hàcraig a' ciallachadh eaglais àrd ach chan eil cinnt carson. Dh'fhaodadh gu bheil Hoy, àite a tha faisg air làimh, cuideachd a' ciallachadh àrd agus gu bheil sin san ainm Hàcraig cuideachd ÀITE: Hacraig SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH DEIT: 1925 LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Caithness 1925 ID Maoin: 31879 KEYWORDS_GAELIC: