Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0004TUAIRISGEUL: "The Pot Luck Tea Rooms" anns An Aghaidh Mhòir. A-nis 's e taigh-bìdh a th'ann.
Thàinig An Aghaidh Mhòr gu bith sna1600an ach gus an tàinig an rathad-iarainn ann an 1862 cha robh ann ach beagan thaighean sgapte agus taigh-òsta beag. Ann an 1892, air tàilleabh loidhnichean an rèile gu Inbhir Nis, Peairt agus Farrais, b' e ceangal cudromach a bh'ann. Dh'fhàs e gu luath, an toiseach mar àite-fuirich do luchd-obrach an rèile agus an uair sin do dhaoine beartach a bhiodh ri sealg is iasgach.
Chunnaic am baile sàmhach, Gàidhealach seo tuilleadh leasachaidh anns na 1960an. Thàinig An Aghaidh Mhòr air adhart gu mòr nuair a dh'fhosgladh àrainn-sgithidh A' Mhonaidh Ruaidh, ochd mìle air falbh, ann an 1961 agus a-rithist ann an 1966 nuair a dh'fhosgladh inoad làithean-saora sònraichte. Ach cha do mhair na togalaichean chruadhtan, air an robh ailtirean cho measail aig an àm, agus chaidh an t-ionad ath-uidheamachadh aig cosgais iomadh millean not bhon uair sin.
An-diugh, bidh luchd-turais san àrainn fad na bliadhna agus tha caochladh mòr de chur-seachadan ann ri dhèanamh. Tha Am Monadh Ruadh, a' phàirc nàiseanta as motha ann am Breatainn, na àite sònraichte le seallaidhean-tìre de bheanntan, fuigheall de ghiùthsaich Albannaich, aibhnichean, lochan agus gleanntan. Tha mòran eòin, bheathaichean agus lusan a tha ann an cunnart a' fàs an seoÀITE:An Aghaidh MhòrSGÌRE:BàideanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Daothal 's Ràta MhurchaisNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:31885KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath