Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0017TUAIRISGEUL:Tha Dùn Robain mu mhìle an ear thuath air Goillspidh, agus is e dachaigh shinnsireil Iarlan agus Diùcan Cataibh. Tha e air a ràdh gun tàinig an t-ainm bho "Robin's Castle", caisteal Raibeirt, an siathamh iarla.
Thogadh an caisteal o thùs anns a' chiad leth dhen 13mh linn, agus 's e tùr-dìona mòr, ceàrnagach a bh' ann, ach ann an 1840 chaidh a leasachadh gu mòr ann am modh Flànrasach le Sir Teàrlach Berry a dhealbhaich Taigh nan Cumantan. Cha mhothaichear a-nis dhan tùr a bh' ann o thùs. Chaidh mòran dhen taobh a-staigh dheth a mhilleadh ann an teine ann an 1815, agus chaidh ath-dhealbhachadh le Sir Raibeart Lorimer.
Tha teaghlach Diùc Cataibh mì-chliùiteach ann an eachdraidh na Gaidhealtachd. "Leasaich" a' chiad Diùc an oighreachd, nuair a rinneadh a- mach gu faighte barrachd prothaid bhon oighreachd mar ionaltradh dha na caoraich, na gheibhte le bhith ga leigeil air mhàl. Tha a' choire ga chur air cuideachd airson cuid dhe na fuadaichean bu mhiosaÀITE:Caisteal Dhùn RobainSGÌRE:Goillspidh, Raoghard agus An LuirgSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: GoillspidhNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:31900KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath