Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0039TUAIRISGEUL:Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh, air an robh an t-ainm Taigh Inbhir Garadh aig aon àm, suidhichte air cladach Loch Omhaich.
Chaidh an taigh mòr seo a thogail eadar 1866 is 1869 airson an uachdarain is an neach-poileataigs Edward Ellice (1810-1880), agus chaidh a dhealbhadh leis an ailtire David Bryce. Chaidh stàball a dhealbhadh le J. Macvicar Anderson agus a chur ris ann an 1875-76.
Na sheasamh air 'Creag an Fhithich' tha Caisteal Inbhir Garadh, làrach seann taigh tùir bhon t-seachdamh linn deug, cathair Chlann Mhic Dhòmhnaill Ghleanna Garadh, meur de Chlann Dòmhnaill a bha aithnichte mar Chlann Raghnaill Chnòideart agus Ghleanna Garadh. Chaidh Caisteal Inbhir Garadh a chur na theine agus a mhilleadh leis an t-Seanailear Monk ann an 1654, chaidh a dhèanamh suas às ùr le Raibeart MacNeacail timcheall air 1670, ach chaidh a mhilleadh agus a chàradh a-rithist às dèidh ar-a-mach 1715 agus 1745. Ghabh am Prionnsa Teàrlach fasgadh ann às dèidh Blàr Chùil Lodair.ÀITE:Inbhir GaradhSGÌRE:Loch AbarSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Cill Mo NaomhaigNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:31922KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath