Drochaid an t-Seanalair Wade, Drochaid an Aonachain

Drochaid an t-Seanalair Wade, Drochaid an Aonachain

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0065 TUAIRISGEUL: Air aithneachadh mar an Drochaid Àrd, chaidh an drochaid seo thairis air Abhainn Spiothain a thogail an 1736 mar phàirt de sgeama rathaidean an airm a thogail airson an riaghaltais, agus an Seanalair Wade an ceann chùisean. 'S e sàr innleadaireachd a rinn togail na drochaid. Tha I 80tr os cionn an uisge agus bha na trì boghannan de leud 40tr, 50tr agus 40troigh. 'S ann an seo aig an Drochaid Àrd a chaidh a' chiad pheilear a chur ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Choinnich Dòmhnall MacDhòmhnaill o Thirnadris ri aon duine deug de dh'fhir na Ceapaich agus pìobaire aig an taigh-seinnse aig an Drochaid Àrd gus an cuireadh iad stad air adhartas dà chompanaidh de shaighdearan nan Albannach Rìoghail. Gus toirt air na dearganaich smaoineachadh gu robh an t-àite air a dhìon gu làidir, chluich am pìobaire cho mòr 's a b' urrainn dha agus sgaoil na daoine am measg nam preasan a' dèanamh tòrr starbhain agus coileid. Theich na saighdearan dearga ach an uair sin nochd tuilleadh de dh'fhir na Ceapaich agus rinn iad às an dèidh. Chaidh coignear dhearganach am marbhadh agus chaidh an fheadhainn eile an leòn no ghèill iad ÀITE: Drochaid an Aonachain SGÌRE: Loch Abar SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 31952 KEYWORDS_GAELIC: