Luirg agus Loch Sin

Luirg agus Loch Sin

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0075 TUAIRISGEUL: 'S e an Luirg baile beag am meadhan Chataibh aig ceann an earra-dheas Loch Sin. Dh'fhàs e seach gu robh e aig ceangal còig rathaidean agus le tighinn na rèile. Chaidh beathaichean an reic an seo agus chaidh clach-aoil a thogail à cuaraidh faisg air làimh. 'S e baile turasachd a th' ann an-diugh agus tha iasgairean dèidheil air uisgeachan Loch Sin agus Abhainn Sin. An cùl na deilbh chithear an dama dealan-uisge eadar Loch Sin agus Iar-loch Sin. Nuair a chaidh seo a thogail dh'èirich uisge Loch Shin mu 11meatair a dh'àirde. Thòisich an stèisean-cumhachd ag obair ann an 1950 agus thug e an dealan do dh'Alba a tuath airson a' chiad uair ÀITE: An Luirg SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: An Luirg DEIT: 1973 LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 31963 KEYWORDS_GAELIC: