Cidhe Phort Rìgh agus Sràid a' Chidhe, An t-Eilean Sgitheanach
Dearbh-aithne:QZP40_CARD_0080TUAIRISGEUL:Sràid a' Chidhe ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Chaidh Cidhe Phort Rìgh a thogail le Tòmas telford eadar 1818 agus 1820. Chleachd bàtaichean-smùide a bha a' giùlan bheathaichean is gual a bhith a' tadhal ann. Bha seo na cheangal cudromach do dh'eileanan iomallach.
Chuireadh crìoch air Sràid a' Chidhe faisg air deireadh an 19mh linn. Tha i co-shìnte ris a' chidhe. Tha Am Meall ris a' chùl. B' ann an seo a chleachd iad a bhith a' crochadh dhaoine. Tha tobhta seann tùr-faire air mullach a' chnuic. B' e Alasdair Mac Leoid a thog an tùr ann an 1851. Tha an tùr a-nis air a leasachadh.
B' e Cill Targhlain (an teampall aig bonn a' ghlinne) an t-ainm a bha air a' bhaile bho thùs. An dèidh dhan Rìgh Seumas V tadhal ann an 1540, chaidh an t-ainm atharrachadh gu Port an RìghÀITE:Port RìghSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Port RìghLINN:1910an; 1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Libraries' Postcard CollectionID Maoin:31969KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath