Ionad na h-Aghaidh Mòire

Ionad na h-Aghaidh Mòire

Dearbh-aithne: QZP40_CARD_0089 TUAIRISGEUL: Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Ionad na h-Aghaidh Mòire ann an Siorrachd Spè. Chaidh a thogail ann an 1966 mar thoradh air an leasachadh air raointean sgithidh a' Mhonaidh Ruaidh. Thug an t-ionad iomadach seirbheis eadar-dhealaichte to luchd-tadhail agus muinntir na h-Aghaidh Mòire, nam measg sin amar-snàimh, rinc-deighe, crazy goilf agus taigh-dhealbh. Ach, ged a dh'adhbharaich ailtireachd an togalaich tòrr connspaid agus dìreach an taobh a-staigh deich bliadhna, thàinig sgàinidhean anns a' choncrait. Mean air mhean, lùghdaich ùidh anns na goireasan agus mu dheireadh chaidh na togalaichean a leagail gu làr. Bhon uair sin, chaidh an t-ionad ath-uidheamachadh aig cosgais iomadh millean not. An-diugh, tha An Aghaigh Mhòr a-rithist na bhaile turasachd soirbheachail, le iomadach goireas eadar-dhealaichte ann do luchd-tadhail agus do mhuinntir an àite ÀITE: An Aghaidh Mhòr SGÌRE: Bàideanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Libraries' Postcard Collection ID Maoin: 31978 KEYWORDS_GAELIC: